This page contains a Flash digital edition of a book.
Dualchas coitcheann Common heritage


The English calendar is based on the Roman model, but the Gaelic names for the months of the year are closely linked to Scotland’s environment and our Celtic heritage. Three of them recall animals, both wild and domesticated, as Ruairidh MacIlleathain explains


Ar mìosan ainmhidheach


Tha mìosachan na Gàidhlig gu math eadar-dhealaichte bhon fhear Bheurla. Tha ainmean nam mìosan ann am Beurla stèidhichte air mìosachan nan Ròmanach. Tha na mìosan ann an Gàidhlig ainmichte, anns an fharsaingeachd, air rudan co-cheangailte ri àrainneachd na h-Alba no ar dualchas Ceilteach. ’S e an aon mhìos aig a bheil cumantas eadar an dà chànan Am Màrt/March air a bheil ainm stèidhichte air Mars, Dia a’ Chogaidh aig na Ròmanaich. Tha ‘Am Faoilleach’ a’ ciallachadh ‘mìos a’ mhadaidh-allaidh’. ’S e ‘faol’ seann fhacal a tha a’ ciallachadh ‘madadh-allaidh’ agus bha Faolan cumanta o shean mar ainm fir. Bha Naomh Faolan (Saint Fillan ann am Beurla) gu math ainmeil uaireigin agus tha an cinneadh MacIll’Fhaolain (MacLellan) ann am bith fhathast. Cha robh na Gàidheil leotha fhèin ann a bhith ag aithneachadh gum b’ e toiseach na bliadhna an t-àm as miosa airson mhadaidhean-allaidh, leis gun robh na creutairean sin acrach (ged a bha am Faoilleach o shean a’ gabhail a-steach toiseach a’ Ghearrain cuideachd); ghabh Sasannaich na seann aimsire wolf month


air an dearbh mhìos. Tha dàrna mìos na bliadhna, ‘An Gearran’, ainmichte airson each a chaidh a spothadh (no a ghearradh) agus tha am facal – a tha an-diugh a’ ciallachadh ‘each beag dùthchasach’ – air a dhol a-steach don Bheurla mar garron. Eadar toiseach na bliadhna agus toiseach an t-samhraidh bha sreath de ghaothan a bhiodh na seann daoine ag aithneachadh; bha iad air an ainmeachadh airson diofar ainmhidhean. ’S e an Gearran an aon tè dhiubh a chaidh a ghlèidheadh mar ainm mìosa anns a’ mhìosachan nodha. ’S e ainm an deicheamh mìosa ’s dòcha am fear as motha a tha a’ sanasachd nan dlùth-cheanglaichean eadar ar cànan is ar n-àrainneachd oir ’s e sin ‘An Dàmhair’. Tha sin a’ tighinn bho ‘damh-dàir’, an t-àm nuair a bhios na dàimh ruadha a’ dàireadh leis na h-èildean. Chan eil àm nas tarraingiche na sin ann an Alba, le dathan is solais an fhoghair a’ cur ri bùirich iongantach nan damh air beanntan na Gàidhealtachd. Dh’fhaodamaid a ràdh cuideachd gu bheil na mìosan a leanas a’ riochdachadh


àrainneachd no aimsir na h-Alba gu ìre: ‘An Giblean’ (nuair a tha beathaichean gibeach às dèidh a’ gheamhraidh), ‘An Cèitean’ (‘toiseach an t-samhraidh’), ‘An t-Ògmhios’ (nuair a tha na lusan is beathaichean òg agus a’ fàs), ‘An t-Sultain’ (nuair a tha sult air an sprèidh às dèidh an t-samhraidh) agus ‘An Dùbhlachd’ (nuair a tha an saoghal a’ fàs dubh dorch).


16 The Nature of Scotland


Page 1  |  Page 2  |  Page 3  |  Page 4  |  Page 5  |  Page 6  |  Page 7  |  Page 8  |  Page 9  |  Page 10  |  Page 11  |  Page 12  |  Page 13  |  Page 14  |  Page 15  |  Page 16  |  Page 17  |  Page 18  |  Page 19  |  Page 20  |  Page 21  |  Page 22  |  Page 23  |  Page 24  |  Page 25  |  Page 26  |  Page 27  |  Page 28  |  Page 29  |  Page 30  |  Page 31  |  Page 32  |  Page 33  |  Page 34  |  Page 35  |  Page 36  |  Page 37  |  Page 38  |  Page 39  |  Page 40  |  Page 41  |  Page 42  |  Page 43  |  Page 44  |  Page 45  |  Page 46  |  Page 47  |  Page 48  |  Page 49  |  Page 50  |  Page 51  |  Page 52  |  Page 53  |  Page 54  |  Page 55  |  Page 56  |  Page 57  |  Page 58  |  Page 59  |  Page 60  |  Page 61  |  Page 62  |  Page 63  |  Page 64  |  Page 65  |  Page 66  |  Page 67  |  Page 68