Dualchas coitcheann Common heritage
The wildcat is named on many of our natural features, as Ruairidh MacIlleathain explains
Dùthaich nan Cat
Tha an cat fiadhaich air ainmeachadh ann an grunn àiteachan air mapa na h-Alba, a’ cur smuain nar cinn gun robh e uaireigin sgapte thar dùthaich mhòr agus na bu lìonmhoire na tha e an-diugh. Ged nach fhaicear cat fiadhaich ach ainneamh, bha na Gàidheil eòlach gu leòr orra anns an t-seann aimsir, co-dhiù a rèir nam mapaichean. Gu tric, tha an cat co-cheangailte ri àite garbh creagach
no talamh àrd, agus chithear sin sna h-ainmean. Tha trì beanntan air a bheil Beinn a’ Chait – tè air a’ Chomraich, tè san Eilean Sgitheanach agus tè ann an Athall; tha Druim a’ Chait faisg air an tè Athallaich. Tha Meall a’ Chait ann an Gleanna Garadh, tha Càrn a’ Chait faisg air Baile Dhubhthaich, tha Cnoc a’ Chait ann an ceann a tuath Mhuile agus, ann an Srath Spè gheibhear Tom a’ Chait. Agus tha co-dhiù leth-dhusan àite air a bheil Creag a’ Chait, eadar Bràigh Mhàrr air an taobh an ear agus an t-Eilean Sgitheanach is Ìle air an taobh an iar. Bidh cait a’ nochdadh ann an grunn fheartan-tìre eile,
leithid Coire a’ Chait faisg air Loch Cluainidh, Allt a’ Chait ann am meadhan Ghallaibh, Eas nan Cat ann an Cinn Tìre agus Eilean a’ Chait faisg air a’ Phloc. Agus ann an Siorrachd Pheairt tha dà lochan air a bheil Lochan a’ Chait agus trì air a bheil Lochan nan Cat. Feumaidh gu robh an cat fiadhaich gu math pailt uaireigin anns an t-siorrachd sin! ’S dòcha gur e Cataibh an t-àite as ainmeile a tha co-
cheangailte ri cait ann an Alba. Thathar a’ smaoineachadh gur e ‘Muinntir nan Cat’ a bh’ air na daoine anns an sgìre sin agus gur iad a thug an t-ainm don cheàrn sin. Thathar a’ gabhail Machair Chat fhathast air an talamh ìosal air taobh an ear na siorrachd, Bràigh Chat air an talamh àrd gu siar air sin agus Dìthreabh Chat air an dùthaich fhosgailte ann am meadhan na siorrachd; ’s e Morair Chat a chanas na Gàidheil ri The Duke of Sutherland. Tha Caithness a’ tighinn bhon t-Seann Lochlannais Katanes ‘Rubha Muinntir nan Cat’ agus tha dùil gur e Innse Cat a bh’ air Sealtainn ro linn nan Lochlannach.
’S iomadh seanfhacal a th’ againn co-cheangailte ri cait – tha liosta de 67 aig Foirbeis anns an leabhar aige Gaelic Names of Beasts etc – ach anns a’ mhòr-chuid tha iad a-mach air cait taighe, seach feadhainn fhiadhaich. Seo cuid a dh’fhaodadh a bhith a’ dèanamh tuairisgeul air nàdar a’ chait fhiadhaich a cheart cho math ris a’ chat taighe: cha toirear on chat ach an craiceann; ciod a dhèanadh mac a’ chait, ach luch a ghlacadh?; cog air a’ chat is togaidh e a fhrioghan air.
48 The Nature of Scotland
Page 1 |
Page 2 |
Page 3 |
Page 4 |
Page 5 |
Page 6 |
Page 7 |
Page 8 |
Page 9 |
Page 10 |
Page 11 |
Page 12 |
Page 13 |
Page 14 |
Page 15 |
Page 16 |
Page 17 |
Page 18 |
Page 19 |
Page 20 |
Page 21 |
Page 22 |
Page 23 |
Page 24 |
Page 25 |
Page 26 |
Page 27 |
Page 28 |
Page 29 |
Page 30 |
Page 31 |
Page 32 |
Page 33 |
Page 34 |
Page 35 |
Page 36 |
Page 37 |
Page 38 |
Page 39 |
Page 40 |
Page 41 |
Page 42 |
Page 43 |
Page 44 |
Page 45 |
Page 46 |
Page 47 |
Page 48 |
Page 49 |
Page 50 |
Page 51 |
Page 52 |
Page 53 |
Page 54 |
Page 55 |
Page 56 |
Page 57 |
Page 58 |
Page 59 |
Page 60 |
Page 61 |
Page 62 |
Page 63 |
Page 64 |
Page 65 |
Page 66 |
Page 67 |
Page 68