Dualchas coitcheann Common heritage
St Brigid, or Bride, is remembered in many Scottish place names, as well as in three of our wildlife species. It’s all to do with the date of her feast day, explains Ruairidh MacIlleathain, unless you believe the stories…
Lus is eòin Brìde
Tha ainm Brìde (no Brìghde) a’ nochdadh ann am mòran suidheachaidhean co-cheangailte ri nàdar is aghaidh na tìre ann an Alba. ’S e pears-eaglais ainmeil dhen 5mh – 6mh linn a bh’ ann am Brìde, a bhuineadh do Chill Dara ann an Èirinn, ged a bha ban-dia phàganach beò roimhpe air an robh Brìde cuideachd (agus grunnan phears-eaglaisean às a dèidh a ghabh a h-ainm a bharrachd). Chan iad na Gàidheil a-mhàin a bha dìleas dhi; bha i naomh do shlòigh eile ann am Breatainn, Cruithnich na h-Alba nam measg. Agus bha i na naomh-taice do mhnathan-glùine, boireannaich throma agus banaraich, am measg eile. Ro linn an Ath-leasachaidh bha Naomh Brìde air leth cudromach do Ghàidheil na h-Alba, agus tha
i air a cliù a ghleidheadh thar nan linntean anns na coimhearsnachdan a mhair dìleas don chreideamh Chaitligeach, leithid ann an Uibhist is Barraigh. Agus tha i air a cuimhneachadh ann an grunn aiteachan ann an Alba air a bheil ‘Cille Brìde’ – mar eisimpleir ann an Saoil, Latharna, Ìle, Tiriodh, Bòd, Arainn, Uibhist agus san Eilean Sgitheanach, gun luaidh air a’ bhaile mhòr ann am meadhan na dùthcha – Cille Brìde an Ear. Tha Lann Brìde ann am Moireibh ga cuimhneachadh cuideachd, mar a tha grunn ainmean eaglaisean ann an caochladh sgìrean, deas agus tuath. Ann an sùilean nan Gàidheal, tha dìleab Brìde beò fhathast co-cheangailte ri trì gnèithean
nàdarrach – lus agus dà eun. Tha e coltach gun d’ fhuair am ‘beàrnan-brìde’ ainm an naoimh leis gum bi e a’ nochdadh fo bhlàth tràth as t-Earrach, oir tha Fèill Brìde anns a’ Ghearran. Tha cuid dhen bheachd, ge-tà, gur e as coireach ris a’ cheangal gun robh dath an fhlùir a’ comharrachadh an teine a bha a’ losgadh fad na h-ùine ann am manachainn Brìde. Thathar a’ dèanamh an aon seòrsa ceangail eadar teine Brìde agus am ‘bigein-Brìde’, eun beag air a bheil broilleach dearg. Ach, gu fìrinneach, ’s dòcha gur e gum bi am bigein-Brìde a’ ceilearadh mu àm Fèill Brìde, às dèidh
dha a bhith sàmhach sa gheamhradh, as coireach ri a cheangal ris an naomh, agus tha coltas ann gu bheil an dearbh rud fìor mun ‘Bhrìdean’ (‘Brìde-eun’) no ‘gille-Brìde’, ged a tha mìneachadh eile aig stòiridh laghach à beul-aithris. Bha Naomh Brìde a’ teicheadh bho ghràisg aig an robh droch-rùn dhi. Ruith i gu ruige tràigh, ach cha robh àite ann airson a dhol am falach agus cha robh dol-às aice. Làigh i air a’ ghainmhich, agus i gun dòchas a bhith beò fada, ach chunnaic na brìdein i. Chòmhdaich na h-eòin le feamainn i, cha robh sgeul oirre nuair a ràinig a’ ghràisg an cladach, agus mhair i beò. Bheannaich i an t-eun agus bhon latha sin a-mach ’s e ‘eun Brìde’ a bh’ ann ann an sealladh nan Gàidheal, an dà chuid ann an Alba agus Eilean Mhanainn (far a bheilear a’ gabhail bridjeen air). Èistibh gu dlùth ris a’ bhrìdean agus cluinnidh sibh e a’ cantainn ‘bi glic’ gu tric. Tha Acadamaidh
nam Poileas ann an Tulach Alain air dà bhrìdean a thaghadh airson an t-suaicheantais oifigeil aca, leis a’ chomhairle sin – ‘bi glic, bi glic’ – sgrìobhte fodha.
16
Page 1 |
Page 2 |
Page 3 |
Page 4 |
Page 5 |
Page 6 |
Page 7 |
Page 8 |
Page 9 |
Page 10 |
Page 11 |
Page 12 |
Page 13 |
Page 14 |
Page 15 |
Page 16 |
Page 17 |
Page 18 |
Page 19 |
Page 20 |
Page 21 |
Page 22 |
Page 23 |
Page 24 |
Page 25 |
Page 26 |
Page 27 |
Page 28 |
Page 29 |
Page 30 |
Page 31 |
Page 32 |
Page 33 |
Page 34 |
Page 35 |
Page 36 |
Page 37 |
Page 38 |
Page 39 |
Page 40 |
Page 41 |
Page 42 |
Page 43 |
Page 44 |
Page 45 |
Page 46 |
Page 47 |
Page 48 |
Page 49 |
Page 50 |
Page 51 |
Page 52 |
Page 53 |
Page 54 |
Page 55 |
Page 56 |
Page 57 |
Page 58 |
Page 59 |
Page 60 |
Page 61 |
Page 62 |
Page 63 |
Page 64 |
Page 65 |
Page 66 |
Page 67 |
Page 68